An Creanaiche - Roddy MacLean - E-Book

An Creanaiche E-Book

Roddy MacLean

0,0

Beschreibung

Many people won't believe this story. That's the way it is, and I understand that. The first time I met M?iri NicEachairne, I didn't believe it either. But her story is so astonishing and so important for the whole world that I couldn't ignore it. Little by little, I was drawn in by what M?iri had to say. I came to understand that her account of what happened when JFK was murdered in Dealey Plaza was true. M?iri knew Lee Oswald (she never called him 'Harvey') in Dallas in the autumn of 1963. She knew things about the murder of President Kennedy that no-one else knew, at least outside of the gang that was involved in the murder. For that reason, she had to flee the United States. She was in fear of her life. Perhaps she still is. But now she has cancer and hasn't much longer to live.

Sie lesen das E-Book in den Legimi-Apps auf:

Android
iOS
von Legimi
zertifizierten E-Readern
Kindle™-E-Readern
(für ausgewählte Pakete)

Seitenzahl: 108

Das E-Book (TTS) können Sie hören im Abo „Legimi Premium” in Legimi-Apps auf:

Android
iOS
Bewertungen
0,0
0
0
0
0
0
Mehr Informationen
Mehr Informationen
Legimi prüft nicht, ob Rezensionen von Nutzern stammen, die den betreffenden Titel tatsächlich gekauft oder gelesen/gehört haben. Wir entfernen aber gefälschte Rezensionen.


Ähnliche


Ruairidh MacIlleathain (Roddy Maclean) is a journalist, broadcaster and educator based in Inverness. He is well known for his environmental education courses which explore the links between Gaelic and nature, and he is the originator of the bimedia (radio/print) programmes Litir do Luchd-ionnsachaidh and Litir Bheag

By the same author

Fiction

Eilean nan Nathraichean (Acair, 1997)

Oidhche air Tom na h-Iùbhraich (Stòrlann/Acair, 2001)

Non-fiction

Seachd Sgeulachdan às Inbhir Nis (Clàr, 1998)

Mort Mhòr! (Stòrlann/Acair, 2004)

The Gaelic Heritage and Place Names of Inverness (Culcabock Publishing, 2004)

Leabhar nan Litrichean (Clì Gàidhlig, 2005)

Gaelic in the Landscape/A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: place names in the North West Highlands (Scottish Natural Heritage, 2008)

Gaelic and Norse in the Landscape/A’ Ghàidhlig is Lochlannais air Aghaidh na Tìre: place names in Caithness and Sutherland (Scottish Natural Heritage, 2010)

AN CREANAICHE

Màiri NicEachairne

&

Ruairidh MacIlleathain

First published in Great Britain and the

United States of America by Lasag Books

Sandstone Press

Dochcarty Road

Dingwall

Ross-shire

IV15 9UG

Scotland

www.sandstonepress.com

All rights reserved.

No part of this publication may be reproduced, stored or transmitted in any form without the express written permission of the publisher.

Lasag is an imprint of Sandstone Press Ltd.

Lasag’s series of Gaelic readers offers young adults a range of engaging, easy-to-read fiction, with English chapter summaries and glossaries to assist Gaelic learners.

© Ruairidh MacIlleathain 2015

Editor: Alison Lang

The moral right of Ruairidh MacIlleathain to be recognised as the author of this work has been asserted in accordance with the Copyright, Designs and Patents Act 1988.

The publisher acknowledges subsidy from the Gaelic Books Council towards publication of this volume.

ISBN: 978-1-910124-78-9

ISBNe: 978-1-910124-79-6

Dhan a h-uile creanaiche a tha neoichiontach

MN

Do mo mhàthair – a bha còmhla rium nuair a chuala mi mu bhàs JFK

RM

‘Cò air bith as coireach, is mise an creanaiche’

Seumas a’ Ghlinne 1752

Clàr-innse

Ro-ràdh

1. An Dàrna Coinneamh

2. Am Pròiseact

3. A’ Chiad Choinneamh

4. Tilleadh gu Cal’s

5. An t-Aideachadh

6. An Rabhadh

7. Lìonadh Bheàrnan

8. An Teicheadh

9. An Litir

10. An Liosta

11. Am Muncaidh as Àirde

12. Màiri agus JD

13. Beithir na Beinne

14. An Còmhradh mu Dheireadh

15. An Sgaoileadh

16. Litir bhon Uaigh

Ro-ràdh

le Ruairidh MacIlleathain

Bidh mòran ann nach creid an eachdraidh seo. Sin mar a thà, agus tuigidh mi sin. Nuair a thachair mi ri Màiri NicEachairne a’ chiad turas, cha robh mi fhìn ga creidsinn na bu mhotha. Ach tha an stòiridh aice cho iongantach ’s nach b’ urrainn dhomh a seachnadh. Mean air mhean, chaidh mo tharraing a-steach leis na bh’ aig Màiri ri innse.

Ma tha sinn deònach gabhail ri a cunntas, bha Màiri eòlach air Lee Harvey Oswald (ged nach canadh i ‘Harvey’ idir) ann an Dallas as t-fhoghar 1963. Bha fiosrachadh aice mu mhurt a’ Chinn-suidhe Cheanadaich nach robh aig duine sam bith eile, co-dhiù taobh a-muigh na gràisg a bha an sàs anns a’ mhurt. Air sgàth sin, b’ fheudar dhi teicheadh bho na Stàitean Aonaichte. Bha i ann an cunnart a beatha an sin.

Dh’atharraich i a h-ainm. Bhris i a bannan le Dallas agus le a beatha ann an Ameireagaidh buileach glan.

Ach dè thug oirre a thighinn a dh’fhuireach air Gàidhealtachd na h-Alba? Agus dè thug oirre an cunntas seo a thoirt dhomh ann an 2014, agus ann an Gàidhlig? Feumaidh sibh na duilleagan a thionndadh airson faighinn a-mach.

Agus aon rud eile, dìreach airson a bhith soilleir, tha Màiri deimhinne nach e Lee Harvey Oswald a thug beatha JFK gu crìch air 22 Samhain 1963. Seo a stòiridh …

Ruairidh MacIlleathain

Inbhir Nis

Am Faoilleach 2015

Glossary

gràisgriff-raff, gang of low-lifes

deimhinneabsolutely certain, convinced

Caibideil 1 An Dàrna Coinneamh

le Ruairidh MacIlleathain

Ruairidh meets an elderly woman on a train and they talk briefly about the book he’s reading, by someone who claims to have known Lee Harvey Oswald. The woman says she has a story that would make an interesting project for Ruairidh.

Dà choinneimh. Dà leabhar. Chan eil mi cinnteach fhathast a bheil mi a’ creidsinn ann an tuiteamas. Ach mura b’ e tuiteamas cha bhithinn an seo an-dràsta, a’ sgrìobhadh eachdraidh iongantach.

Thig sinn don chiad choinneimh, agus don chiad leabhar, an ceann greis. Cha robh mi an làthair co-dhiù. Thachair i ann an 1963 ann an Dallas, Teagsas. Ach an dàrna coinneamh, cha dìochuimhnich mi sin gu bràth.

Bha mi air trèana eadar Glaschu agus An t-Òban. ’S e latha geamhradail a bh’ ann san Fhaoilleach 2014 agus cha robh an carbad cus ro thrang. Lorg mi suidheachan leam fhìn aig bòrd airson ceathrar agus thug mi leabhar a-mach às mo mhàileid. Thòisich mi air a leughadh.

Bha an trèana an impis tarraing a-mach à Stèisean Sràid na Banrighinn nuair a thàinig boireannach air bòrd. Bha i beag le falt liath agus thug mi an aire dhi oir bha a cuid aodaich gu lèir uaine, ach a-mhàin gun robh stoc dearg timcheall a h-amhaich. Bha i a’ coimhead coltach ri ban-shìthiche! Choisich i seachad orm an toiseach, ach thug i sùil orm mar gun do dh’aithnich i mi. Thionndaidh i air ais agus sheas i ri mo thaobh.

‘’Eil duine an sin?’ dh’fhaighnich i, a’ comharrachadh suidheachan air taobh eile a’ bhùird. Bha i a’ bruidhinn ann am Beurla, ach bha blas car Gàidhealach aice. Cha tuirt mi smid, ach shìn mi mo làmh a-mach, mar gum biodh a’ cur fàilte oirre (ged a chuir e dragh orm nach do lorg i àite eile).

Cha robh còmhradh eadarainn gus an robh sinn deagh phìos a-mach à Glaschu, agus ann an sealladh beanntan sneachdach na Gàidhealtachd.

‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt i, ‘ach dè ur beachd air an leabhar sin?’

Thionndaidh mi an leabhar nam làimh airson coimhead air aghaidh. ’S e an tiotal a bh’ air Me & Lee: How I Came to Know, Love and Lose Lee Harvey Oswald.

‘Chan eil mi cinnteach,’ fhreagair mi. ‘Tha e doirbh dèanamh a-mach an e an fhìrinn a th’ aice no a bheil i beò na mac-meanmna.’

‘Cò i?’ dh’fhaighnich am boireannach. Bha i a’ coimhead orm gu dlùth.

‘Judyth Vary Baker. Tha i a’ cumail a-mach gun robh i na leannan aig Lee Harvey Oswald ann an New Orleans anns na mìosan ro mhurt a’ Cheanadaich ann an 1963.’

‘Agus chan eil sibh ga creidsinn?’ thuirt am boireannach. Bha i a’ fuasgladh a stoc bho a h-amhaich. ‘Carson a bhiodh i a’ cruthachadh stòiridh mar sin? Nach biodh e cunnartach dhi?’

‘Uill, tha i a’ cumail a-mach gur e sin as coireach nach tàinig i a-mach leis an eachdraidh seo ro 2001. Bha i ann an cunnart a beatha. Chùm i am falach i airson trithead ’s a h-ochd bliadhna.’

Leig am boireannach osna. Choimhead sinn a-mach air an uinneig airson greis. Uisge, monadh, grian ìosal, craobhan loma. Nach àlainn a’ Ghàidhealtachd, shaoil mi. Thionndaidh mi air ais don bhoireannach. Bha a h-aghaidh car caol agus bha a sùilean uaine. Bha i timcheall air seachdad bliadhna a dh’aois.

‘A bheil cuimhne agaibh far an robh sibh nuair a chaidh JFK a mhurt?’ thuirt mi. Bha mi airson an còmhradh ùrachadh. B’ iad seo na faclan Beurla mu dheireadh a bhruidhninn mi rithe. Cha do fhreagair i a’ cheist.

‘An sibhse Ruairidh MacIlleathain?’ dh’fhaighnich i gu dìreach. Bha i a-nise a’ bruidhinn Gàidhlig rium.

‘’S dòcha gur mi,’ fhreagair mi. Bha mi air mo chlisgeadh leis mar a dh’atharraich i a cànan gun rabhadh. ‘Cò tha a’ faighneachd?’

‘Tha mi gur n-aithneachadh bho làrach-lìn a’ BhBC,’ thuirt i. ‘Bidh mi ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh uaireannan.’

‘An e a h-ionnsachadh a rinn sibh?’ thuirt mi. ‘Tha sibh gu math fileanta.’

‘Ò, tha greis bhuaithe a-nise,’ thuirt i, le gàire bheag. Thug i sùil air an leabhar a-rithist. ‘A bheil cairt agaibh?’

‘Tha, agus each, a’ feitheamh rium anns an Òban,’ fhreagair mi.

Rinn i gàire bheag eile. ‘Cairt-ghnìomhachais, tha mi a’ ciallachadh. Tha mi airson bruidhinn ribh uaireigin. Mu phròiseact.’

Rùraich mi ann am pòcaid mo sheacaid agus lorg mi cairt a thug mi dhi. ‘Tha mi trang le m’ obair,’ thuirt mi, ‘agus chan eil mi cinnteach am bithinn airson pròiseact ùr a ghabhail os-làimh.’

‘Ò, tha pròiseactan ann, agus tha pròiseactan ann,’ thuirt i gu dìomhaireach.

‘Agus cò th’ agam an seo, co-dhiù?’ Cha robh mi a’ sireadh obair sam bith agus bha mi airson an cuspair atharrachadh.

‘Màiri.’

‘Màiri dè?’

‘NicEachairne.’

‘À?’

‘Glaschu.’

‘Bho thùs?’

‘Sasainn.’

‘Uill, tha blas math air a’ Ghàidhlig agaibh. An robh sibh a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd?’

Gu h-obann, dh’èirich i. ‘Bha mi aig an ospadal ann an Glaschu,’ thuirt i. ‘Tha mi sgìth agus tha mi a’ dol a lorg carbad sàmhach airson norrag a ghabhail. Ach cuiridh mi fios thugaibh an-ath-sheachdain.’

Leis an sin, thog i a baga agus dh’fhalbh i. Ach, mus deach i glè fhada, stad i. Thill i don bhòrd. Choimhead i air an leabhar agus an uair sin ormsa. ‘’S e freagairt na ceist agaibh – “tha”. Tha cuimhne glè mhath agam far an robh mi nuair a chaidh an Ceann-suidhe Ceanadach a mhurt,’ thuirt i. Bha i a-nise a’ coimhead dubhach mar gun robh uallach oirre. Leig i ‘Mar sin leibh’ a-mach à taobh a beòil agus dh’fhalbh i. Agus, ged a thug mi sùil air a son timcheall Stèisean an Òbain nuair a ràinig an trèana a ceann-uidhe, cha robh sgeul oirre.

Glossary

mura b’ e tuiteamasif it weren’t for chance

ban-shìthichefairy

a’ fuasgladhloosening

tha greis bhuaithe a-nisethat’s a while ago now

gu dìomhaireachmysteriously

norragnap, forty winks

Caibideil 2 Am Pròiseact

le Ruairidh MacIlleathain

Màiri rings Ruairidh and more or less demands that he meet her to hear her own story about Lee Oswald. Ruairidh’s curiosity gets the better of him and he goes to see her. As she recounts her story, Ruairidh remembers how he first heard the news about JFK’s murder.

‘Màiri an seo. Thachair sibh rium air an trèana an t-seachdain sa chaidh.’ Thàinig na faclan sìos am fòn gu cruaidh mar fhras-pheilearan.

‘Seadh, tha cuimhne agam,’ fhreagair mi. ‘Ciamar a tha sibh?’

‘Am faod sinn “tu” a chleachdadh an àite “sibh”?’ dh’fhaighnich i. ‘Leis gum bi mi a’ cluinntinn ur … do … ghuth cho tric air an rèidio, tha mi a’ faireachdainn gu bheil mi eòlach … ort. Agus chan eil thu cho sean riumsa!’

‘Ceart gu leòr, a Mhàiri,’ thuirt mi, agus ’s e ‘tu’ a chleachd sinn le chèile bhon mhionaid sin a-mach.

‘Am pròiseact agam,’ thuirt i. ‘Tha stòiridh agam dhut a dh’atharraicheas do bheatha. Stòiridh fìor.’

‘Stòiridh? Cò mu dheidhinn?’

‘A bheil thu eòlach air a’ Ghearasdan?’ Bha i a’ cumail smachd air a’ chòmhradh. ‘Tha raon-pàrcaidh mòr ri taobh na mara seachd mìle deas air a’ bhaile. Chì mi an sin thu. Meadhan-latha Diardaoin.’

‘Nise, fuirich ort,’ thuirt mi. Cha robh mi cleachdte ri bhith a’ gabhail òrdughan mar seo.

‘’Eil cuimhne agad air an leabhar a bha thu a’ leughadh?’ thuirt i.

‘Tha. Me and …’

‘Ist!’ Chuir i stad orm. ‘Cha leig thu leas ainmeachadh. Tha stòiridh agamsa a tha nas fheàrr na sin. Bha mi eòlach air an aon duine.’

‘An aon duine? Tha thu a’ ciallachadh…’ Sguir mi a bhruidhinn oir thuig mi nach robh i airson an duine sin ainmeachadh air a’ fòn. Bha smuaintean a’ cuartachadh nam cheann. An robh Màiri eòlach air Lee Harvey Oswald? Am fear a mhuirt JFK, Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an Dallas, Teagsas ann an 1963? ‘Carson a tha thu ag innse seo dhòmhsa?’ dh’fhaighnich mi.

‘Tha mi ag iarraidh ort taic a thoirt dhomh airson leabhar a sgrìobhadh,’ thuirt i. ‘Chì mi Diardaoin thu.’ Agus chaidh am fòn na thost.

Chuir mi fòn gu 1471 airson a h-àireamh fhaighinn. Ach bha i dìomhair. Dè an dol-a-mach a bh’ air a’ bhoireannach seo? Carson a rachainn a choinneachadh rithe ann an raon-pàrcaidh mar gur e fear-brathaidh a bh’ annam? ‘Thalla a Thaigh na Galla, òinseach!’ dh’èigh mi, ged nach robh ann ach an cù a chluinneadh mi. ‘Faodaidh tu coinneachadh ris na faoileagan!’ Cha robh mi a’ dol a bhodraigeadh leatha.

Ach tuigidh sibh gun do dh’atharraich mi mo bheachd. Bha mo shròn a’ cur dragh orm. Bha a càr anns an raon-phàrcaidh mu-thràth nuair a ràinig mi e aig 11.50 Diardaoin. Fear beag dearg a bh’ ann. Dh’fhosgail Màiri an doras nuair a chunnaic i mi agus thàinig i a-mach. Bha aodach dubh oirre an turas seo. Bha i a’ coimhead na b’ òige na bha i air an trèana an latha eile. Ach bha a craiceann air leth bàn. Cha robh i a’ coimhead fallain.

‘The name’s Bond,’ thuirt mi le fiamh a’ ghàire, agus mi a’ sìneadh mo làimh dheis a-mach. Rug i air làimh orm.