An Taistealach (The Voyager) - Iain Fionnlagh Macleòid - E-Book

An Taistealach (The Voyager) E-Book

Iain Fionnlagh Macleòid

0,0

Beschreibung

Is e an Taistealach an tè mu dheireadh às an t-saoghal aice, a' siubhal tro thìm is farsaingeachd a' lorg dachaigh ùr air planaid fhreagarrach. Tha e fa-near dhi clann a bhreith agus an cinneadh aice a thoirt air adhart, ach chan eil i na h-aonar. Tha creutairean eile an seo, dà threubh dhiubh, agus cunnart air gach taobh dhith. The Lasag Gaelic readers series offers young adults a range of engaging, easy-to-read fiction, with English chapter summaries and glossaries to assist Gaelic learners.

Sie lesen das E-Book in den Legimi-Apps auf:

Android
iOS
von Legimi
zertifizierten E-Readern
Kindle™-E-Readern
(für ausgewählte Pakete)

Seitenzahl: 91

Das E-Book (TTS) können Sie hören im Abo „Legimi Premium” in Legimi-Apps auf:

Android
iOS
Bewertungen
0,0
0
0
0
0
0
Mehr Informationen
Mehr Informationen
Legimi prüft nicht, ob Rezensionen von Nutzern stammen, die den betreffenden Titel tatsächlich gekauft oder gelesen/gehört haben. Wir entfernen aber gefälschte Rezensionen.



Iain Finlay Macleod is a playwright, screenwriter and novelist based on the Isle of Lewis. He is the author of six Gaelic novels. Iain’s stage plays include Somersaults for the National Theatre of Scotland and St Kilda: the Opera, staged at the Edinburgh International Festival. He has written extensively for radio including The Summer Walking (adapted from his original stage play The Pearlfisher) and adaptations of Raven Black and White Nights by Ann Cleeves.

By the same author

Chopper (Stòrlann, 2004)

Na Klondykers (Clàr, 2005)

Am Bounty (Clàr, 2008)

Ìmpireachd (Clàr, 2010)

An Sgoil Dhubh (Acair, 2014)

Dìoghaltas (Acair, 2017)

First published in 2017 in Great Britain by

Sandstone Press Ltd

Dochcarty Road

Dingwall

IV15 9UG

Ross-shire

www.sandstonepress.com

All rights reserved.

No part of this publication may be reproduced,

stored or transmitted in any form without the express

written permission of the publisher.

Lasag’s series of Gaelic readers offers young adults

a range of engaging, easy-to-read fiction, with English chapter

summaries and glossaries to assist Gaelic learners.

Copyright, © 2017 Iain Finlay Macleod

Editor: Alison Lang

The moral right of Iain Finlay Macleod to be recognised as the

author of this work has been asserted in accordance with the

Copyright, Designs and Patents Act 1988.

The publisher acknowledges support from the

Gaelic Books Council towards publication of this volume.

ISBN: 978-1-910985-99-1

ISBNe: 978-1-912240-00-5

Cover design by Freight Design

Ebook compilation by Iolaire Typesetting, Newtonmore

Contents

1.

2.

3.

4.

5.

6.

7.

8.

9.

1

The voyager prepares to leave her home planet. She is equipped with everything she could possibly need to recreate her world, from botanical specimens to the embryos that will allow her to propagate her own species. Now the time has come to leave behind everything and everyone she knows and launch herself into the vastness of space and time.

Cha do chuir sìon dragh orm chun an latha ud. Nuair a chaidh mo shaoghal a-mach à sealladh. Dh’fhaodainn fhalach le aon chorraig, na daoine, dòchas, àmhghar, cogadh, gaol, air cùlaibh mo làimh.

Bha mi air trèanadh air a shon, bha mi air bliadhnaichean fada a chur seachad a’ dèanamh deiseil. Bha mi cho fallain ’s a dh’fhaodadh duine a bhith. Bha m’ inntinn cuideachd làidir. Sin a’ cheist as motha a bh’ aig daoine. An robh mi às mo chiall? Carson a dhèanadh tu e? A’ dol a-mach dhan dorchadas gun fhios an tigeadh tu air ais. Ciamar a dh’fhaodadh tu a h-uile duine fhàgail air do chùlaibh? Ach dh’fheumadh cuideigin a dhèanamh. Dha na daoine againn.

Bha fios agam nach tiginn air ais. Ach rinn mi e a dh’aindeoin sin. Bha fios agam gum biodh amannan dona ann. Gum biodh ceistean ann. Ach bha an rud cho mìorbhaileach nach b’ urrainn dhomh a sheachnadh.

Agus thagh iad mise. Cha do thagh iad duine eile. Is mise an duine a b’ fheàrr air a shon, a rèir a h-uile meatraig a bh’ aca.

Agus bha mi airson mo bheatha a dhèanamh glòrmhor. Bha mi airson gum biodh m’ ainm sgrìobhte san iarmailt còmhla ri na daoine eile air am bi cuimhne cho fad ’s gum bi na daoine againn ann. Na daoine a chaidh tarsainn nan cuantan againn anns na seann làithean. Na daoine a shiubhail.

Bha e ro mhòr a thuigsinn. Bha an saoghal ro mhòr. Agus tìm, sin an rud a bu dorra buileach, oir cha robh dòigh air greimeachadh air a mheud. Mar sin, cha do dh’fheuch mi.

’S e dust a bhiodh anns an t-saoghal agam nuair a nochdainn anns an t-saoghal ùr. Bhithinn na mo chadal airson ùine nach tuiginn. Dhùisginn agus bhiodh an seann saoghal air falbh. ’S mathaid.

Ach bha fios agam gun robh e ceart. Bha mi cinnteach asam fhìn. Gur e seo a bha an dàn dha na daoine againn. Oir às aonais an t-siubhail seo dhan dorchadas, ciamar a mhaireadh sinn?

Cha chreidinn cho duilich ’s a bha e na ceanglaichean sin a leigeil às. Teaghlach agus gaol agus fiù ’s talamh. Dachaigh. Chaidh mi air ais far an do thogadh mi agus laigh mi airson an turas bho dheireadh air a’ ghainmhich agus choimhead mi adhar m’ òige. Bha a h-uile sìon cho brèagha a’ mhionaid ud.

Airson diog dh’fhaighnich mi carson a dh’fheumadh an saoghal a bhith cho neo-sheasmhach. Carson a bha uiread de dh’fheagal oirnn gun deigheadh sinn uile à bith. An tuigeadh sinn a-chaoidh bàs? No an e dìreach ùrachadh a th’ ann, prìs airson a bhith beò. Oir às aonais, dè a’ chiall a bhiodh aig beatha?

Bha ciall aig mo bheatha le bhith a’ dèanamh seo. Bha e a’ toirt dòchas dha daoine. Dòchas nach e seo deireadh ar linn.

Nam biodh an cothrom agad saoghal ùr a thòiseachadh, an gabhadh tu e? Am biodh e eadar-dhealaichte bhon an t-saoghal a th’ againn? Ciamar a dh’fhaodadh sin tighinn gu buil le nàdar mhic-an-duine mar a tha e? An robh e faoin smaoineachadh gun robh sinn os cionn nan uile? Os cionn nàdair, os cionn gach beathaich?

Anns an t-saoghal ùr seo, am biodh sgeulachdan againn air mar a thòisich an cinneadh againn? Am biodh e air chall gun tàinig sinn chun an t-saoghail seo airson ùrachadh, airson cothrom a thoirt dhuinn? Am biodh e air chall mar a thàinig mise, a’ chiad duine, An Taistealach? An cruthaicheadh sinn leabhar eile a bheireadh dhuinn cumhachd thairis orra uile, an talamh agus na beathaichean, na cuantan agus an t-adhar? Agus ciamar a chleachdadh sinn an cumhachd sin?

An dìochuimhnicheadh iad, agus an dèanadh iad sgeulachdan air mar a thàinig a’ chiad bhoireannach chun na planaid uaine? A’ mhàthair.

Thàinig an tìde falbh. Bha thìd’ agam cadal, ach bha feagal orm. Oir ’s e cadal tro choilltean tìm a bhiodh ann. Bhithinn reòite agus falamh fad linntean. Ged nach e reothadh a bh’ ann, bha e nas coltaiche ri bhith nam phìos glainne, na h-ataman agam air stad a ghluasad.

Agus nuair a dhùisginn bhiodh an saoghal agam gu tur air falbh, tro sgàil tìm. Cha bhiodh ann ach dust—na cuimhneachain, na daoine. Sin an ìobairt a rinn mi airson nan daoine agam.

Nàdar beatha bhith-bhuan dhòmhs’. ’S e ‘ar màthair’ a bh’ aca orm nuair a dh’fhàg mi. Ar dòchas. Ar reul-stiùiridh. Shealladh iad dhan cuid chloinne mise anns na speuran, a’ gluasad gu slaodach, gealach bheag mheatailt.

Cha robh mòran taghaidh againn. Bha sinn fortanach gun do lorg sinn an saoghal idir, leis cho fada air falbh ’s a bha e. ’S e ‘An Talamh’ a thug sinn air an t-saoghal ùr seo anns a’ chànan againn. ’S e sin a chumadh beò sinn.

Bha innealan agam airson mo chuideachadh nuair a ruiginn an talamh ùr sin. Inneal leis an ainm CrisprCas9 a chuireadh ceart galaran gintinneach, a chàradh DNA agus a leigeadh dhomh planntrais agus beathaichean atharrachadh. Bha DNA agam bho iomadach beathach, agus dòigh air an toirt beò. Bha inneal againn a chumadh sùil air an robh an t-èadhar freagarrach. Ach bha na rudan as cudromaiche na bu bhunaitiche. Na h-aon rudan tha fhios a bh’ aig na ciad dhaoine a shiubhail na cuantan anns an t-seann saoghal gus eileanan agus talamh a lorg, gus beatha ùr a chruthachadh dhaib’ fhèin.

Bha stòr de chnothan ’s de shìol agam, agus bha boireannaich an t-seann saoghail air a’ ghibht as motha a thoirt dhuinn—a dheigheadh le sìol-ginidh nam fear againn. An toiseach ’s e mi fhìn a ghiùlaineadh leanabh, ach chan ann leams’ a bhiodh e no i gu gintinneach. Agus dh’fheuchainn ri uiread cloinne a bhith agam ’s a b’ urrainn dhomh, iad uile bho phàrantan diofraichte. Dh’fheumainn coimhead às an dèidh gus am biodh iad aost’ gu leòr clann a bhith aca fhèin. Agus ’s ann mar sin a chumadh sinn an cinne-daonna a’ dol air an t-saoghal iomallach aonranach ùr seo.

Cha robh A. I. agam air bòrd. Agus cha bhiodh sin ceadaichte air an t-saoghal ùr am bith. Oir ’s e sin a bha a’ toirt ar saoghail gu crìch.

Chaidh mi dhan t-seòmar far am bithinn a’ cadal thar linntean agus choimhead mi air an t-saoghal agam tron ghloinne. Cò dìreach a tha faighinn a’ chothruim seo saoghal ùr a chruthachadh? Agus thàinig e thugam gun robh a h-uile duine againn a’ faighinn a’ chothruim sin, nach e sinn fhìn a bha a’ cruthachadh an t-saoghail againn, a bha a’ taghadh, agus thug sin dòchas dhomh. Bha mi a’ fàgail an t-saoghail aost’ air mo chùlaibh—na cogaidhean a sgrios e, na daoine a mhill e, na cuantan a bha a-nis marbh, na speuran a bha a-nis ro thana ar dìon. Anns an t-seann leabhar againn bha àite ris an cante Ifrinn. ’S mathaid gum faigheadh sinn air sin fhàgail air ar cùlaibh bho dheireadh thall.

Laigh mi anns an inneal agus beag air bheag dh’fhalbh am mothachadh agam gus an robh mi ann an stasis. Cha robh sìon ann ach sàmhchair agus tìm a’ dol seachad. Agus dòchas, dòchas na cloinne a’ coimhead dhan adhar. Làn dòchais gus cothrom ùr a bhith againn saoghal ùr a thoirt gu bith, agus an saoghal sin air a thoirt gu bith às na nithean as fheàrr anns an nàdar againn.

àmhgharanguish

iarmailtsky, heavens

cinneadhrace, kindred

taistealachvoyager

ìobairtsacrifice

bith-bhuaneternal

galaran gintinneachgenetic diseases

planntraisvegetation

sìol-ginidhsperm

an cinne-daonnathe human race

Ifrinnhell

2

Preparing for this mission has consumed all the resources of a dying planet. Saving the species is paramount, and whatever happens they are determined not to repeat the mistake of putting their faith in artificial intelligence to solve all of mankind’s problems. The voyager is keenly aware of the huge responsibility that rests with her to find a new home where she can rekindle their civilisation.

Thar nan linntean.

Cha robh companach còmhla rium. ’S e co-dhùnadh a bha sin a bha duilich. Ach dh’fhaodadh rudan a dhol ceàrr le companach. Ma ’s e fireannach a bh’ ann, nach eil teans ann gun tuiteadh sibh ann an gaol? Nam biodh dìreach aon duine eile ann san t-saoghal, nach tachradh sin?

Agus chan eil daoine ann an gaol cho reusanta. Dè nam biodh aig duine ri taghadh a dhèanamh eadar beatha an duine sin agus a’ bheatha aca fhèin? Agus gun bhoireannach air fhàgail, sin an deireadh. Agus is e sin a’ phrìomh chùmhnant a bh’ agam. Ar daoine a dhìon. Ge bith dè bha sin a’ ciallachadh. Cùm an DNA againn beò.

Bha iad air triùir eile a chur a-mach dha na speuran, iad uile a’ dol gu planaidean diofraichte, nan aonar, dòchasach gun lorgadh iad àite far am faodadh iad tighinn beò. Ach leis na cogaidhean a bh’ ann, cha robh an teicneòlas againn trì innealan a thogail a shiùbhladh cho fada. Is e an t-inneal agams’ a ruigeadh nas fhaide na càch. ’S ann annams’ a bha dòchas a h-uile duine.