An Uinneag don Iar - Michael Klevenhaus - E-Book

An Uinneag don Iar E-Book

Michael Klevenhaus

0,0

Beschreibung

Theich Marie Schmidt à Berlin an Ear leis an nighinn òig aice, ach chaidh a duine is a mac fhàgail air taobh eile a' bhalla. Cha robh fios aig Caitrìona gun robh bràthair aice mus do leugh i na seann litrichean a lorg i ann an taigh a màthar. Às dèidh nam bliadhnaichean uile, an urrainn dhi a lorg, agus dè eile a tha i a' dol a dh'fhaighinn a-mach mu a teachlach? Marie Schmidt escapes from East Berlin with her baby daughter just as the wall is going up, but her husband and son are left behind. Years later, Marie's daughter finds a box of letters in her mother's house and sets out to find the brother she never knew she had, but her investigations uncover some unpleasant truths about the compromises her mother was prepared to make with the Communist regime in exchange for a new life in the west.

Sie lesen das E-Book in den Legimi-Apps auf:

Android
iOS
von Legimi
zertifizierten E-Readern
Kindle™-E-Readern
(für ausgewählte Pakete)

Seitenzahl: 116

Das E-Book (TTS) können Sie hören im Abo „Legimi Premium” in Legimi-Apps auf:

Android
iOS
Bewertungen
0,0
0
0
0
0
0
Mehr Informationen
Mehr Informationen
Legimi prüft nicht, ob Rezensionen von Nutzern stammen, die den betreffenden Titel tatsächlich gekauft oder gelesen/gehört haben. Wir entfernen aber gefälschte Rezensionen.



Mìcheal Klevenhaus

By the same author

Fiction

Top Twenties, ann an An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile (Clàr, 2008)

Saorsa gun chrìch, ann an Saorsa – Sgeulachdan Goirid (Clàr, 2011)

Non-fiction

Schottisch-Gälisch Wort für Wort (Reise Know-How, 2004)

Lehrbuch der Schottisch-gaelischen Sprache (Buske, 2009)

Grammatik-Übungsbuch Schottisch-Gälisch (Buske, 2015)

Wanderlust eadar dà shaoghal, ann an

AN UINNEAG DON IAR

Mìcheal Klevenhaus

First published in 2015 in Great Britain

and the United States of America by

Sandstone Press Ltd

Dochcarty Road

Dingwall

Ross-shire

IV15 9UG

www.sandstonepress.com

All rights reserved.

No part of this publication may be reproduced, stored or transmitted in any form without the express written permission of the publisher.

Lasag is an imprint of Sandstone Press Ltd. Lasag’s series of Gaelic readers offers young adults a range of engaging, easy-to-read fiction, with English chapter summaries and glossaries to assist Gaelic learners.

Copyright © 2015 Michael Klevenhaus

Editor: Alison Lang

The moral right of Michael Klevenhaus to be recognised as the author of this work has been asserted in accordance with the Copyright, Designs and Patents Act 1988.

The publisher acknowledges support from the Gaelic Books Council towards publication of this volume.

ISBN: 978-1-9010124-86-4

ISBNe: 978-1-910124-87-1

Cover design by Mark Swan

Contents

1.

2.

3.

4.

5.

6.

7.

8.

9.

10.

11.

12.

13.

14.

15.

16.

17.

18.

19.

20.

21.

22.

23.

24.

25.

1

One by one the windows of Bernauer Strasse are being bricked up as the Berlin wall is erected. It’s the Schmidt family’s last chance to escape to the West, but things don’t go to plan.

B’ e sin an turas mu dheireadh a dh’òladh iad cofaidh aig a’ bhòrd seo sa chidsin aca. Bha na bagaichean agus na màileidean deiseil agus a’ feitheamh san t-seòmar-chadail. Bha e air feuchainn ri ròpa a cheannachd, ach bha e air a bhith duilich fear fhaighinn sa bhaile. Cha robh ròpannan rim faighinn idir tuilleadh sna bùthan agus nam biodh, bha cunnart gum biodh cuideigin a’ faighneachd dheth dè dhèanadh e leis. Ròpa, ticead-trèana, ràmh, rothar ùr: b’ e siud na nithean cunnartach. Bu chinnteach gun tachradh ceasnachadh nan ceannaichte leithid de bhathar connspaideach ann am bùth.

Ach fàsar cruthachail ann an èiginn. Mar sin ghoid e fear à seann eaglais far nach robh clagan tuilleadh ach na ròpannan an crochadh anns an tùr fhathast. Fear làidir a bh’ ann agus bha e an dòchas gum biodh e fada gu leòr.

An dàrna rud a bha a cheart cho connspaideach is cunnartach, b’ e sin gun deach aige an ròpa a thoirt don fhlat suas chun an treas làir. Thug e tro ghàrraidhean an cùl nan taighean e, thairis is seachad air ballachan, tro lios an nàbaidh. Bha e a’ gabhail cùram gun a bhith a’ saltradh air a’ ghlasraich agus air na flùraichean agus san dearbh mhionaid smaoinich e nach biodh e gu diofar co-dhiù. Chaidh an nàbaidh fhuadachadh às an taigh aige mar-thà agus bhiodh iad ga thoirt-sa às an fhlat aige cuideachd a dh’aithghearr. An-diugh no a-màireach, b’ e siud a’ cheist ach bu chinnteach gun tigeadh iad. Anns na trì làithean mu dheireadh cha b’ urrainn don teaghlach an taigh fhàgail tro dhoras-aghaidh an taighe tuilleadh.

Far am b’ àbhaist cabhsair is sràid a bhith air beulaibh na dachaigh aca, bha crìoch eadar-nàiseanta a-nise eadar dà shaoghal phoileataigeach.

Thall an siud – roinn nam Frangach, ’s a-bhos roinn nan Ruiseach.

Gu h-obann air latha brèagha samhraidh, bha na saighdearan air tighinn. Bha iad air trannsa an taighe a dhùnadh agus doras an taighe – agus b’ e sin doras chun an Iar – a ghlasadh. Bhon uair sin cha b’ urrainn dhaibh an taigh aca fhàgail ach tron doras-chùil. Cha robh dol às ann tuilleadh.

Ann am pàirtean eile den bhaile bha iad air tòiseachadh air balla a thogail. Balla a bha a’ ruith tron bhaile air fad, a’ roinn agus a’ sgaradh an Iar bhon Ear. Cha b’ urrainn dhaibh sin a dhèanamh san t-sràid aca fhèin. Bha crìoch eadar an Iar agus an Ear a’ ruith dìreach air beulaibh nan taighean. Mar sin chaidh co-dhùnadh leis a’ phàrtaidh agus an riaghaltas na taighean fhalamhachadh agus na daoine fhuadachadh. Far an robh na taighean falamh mar-thà, chaidh na h-uinneagan is na dorsan a bhriseadh a-mach às na ballachan agus chaidh na tuill a lìonadh le clachan. Cha robh ach beagan uinneagan fosgailte air am fàgail – nam measg uinneagan an dachaigh fhèin.

Agus thigeadh iad.

Is dòcha a-nise.

Is dòcha an leth-uair a thìde.

Is dòcha a-màireach gus am fuadachadh cuideachd.

Ach le beagan fortain bhite na bu luaithe.

Nise bha an ròpa a’ feitheamh orra san t-seòmar-chadail.

Bha aghaidh uinneag an t-seòmair-chadail ris an t-sràid.

Agus bha iad a’ feitheamh sa chidsin, e fhèin, i fhèin agus an dithist chloinne.

Choimhead e a-mach air an uinneig.

Bha an t-sràid làn daoine.

Saighdearan Frangach is Breatannach nam measg.

Agus luchd-smàlaidh cuideachd.

Bha iad ann fad làithean, a’ cuideachadh nan daoine a bhiodh a’ leum a-mach às na h-uinneagan. Dìreach an-dè chaochail duine – fear òg a bh’ ann – a bha air leum bhon t-siathamh làr, fada ro àrd airson a ghlacadh leis an luchd-smàlaidh.

Chaidh e air ais don trannsa is dh’èist e tron doras.

Cha chuala e dad.

A rèir coltais bha an taigh falamh.

Thill e don t-seòmar-chadail, feuch nach dèanadh e fuaim sam bith. Bha e cinnteach gun robh saighdearan a’ feitheamh san fhlat fodhpasan, feuch an cluinneadh iad gun robh an teaghlach os an cionn an impis teicheadh.

Chuir e an rèidio air.

Chaidh a bhean don taigh-bheag is leig i uisge ruith às a’ ghoc.

Fuaimean àbhaisteach beatha teaghlaich air latha brèagha samhraidh ann am flat am badeigin ann am mòr-bhaile.

Agus gu h-obann thachair a h-uile sìon uabhasach luath.

Dh’fhosgail e an uinneag.

Chunnaic daoine air an t-sràid e agus thòisich iad air èigheachd.

Leig e an ròpa a-mach air an uinneig agus ann am priobadh na sùla mhothaich e nach robh e fada gu leòr.

Chunnaic e an luchd-smàlaidh a’ teannachadh air an taigh agus bha e cinnteach gun do mhothaich na saighdearan fodhpa dheth cuideachd.

Bha iad ann an ceud cabhaig a-nist.

Ghabh a bhean – an rugsag leis an nighinn oirre – grèim air an ròpa, shreap i tron uinneig is sìos an ròpa gus an do leig i dhi fhèin tuiteam gu plangaid an luchd-smàlaidh.

A-nis ghabh e na màileidean is na bagaichean is thilg e gach aon mu seach tron uinneig, an dòchas gun ruigeadh iad an t-sràid gu sàbhailte ach gun a bhith a’ smaoineachadh air dad a bha annta a ghabhadh briseadh.

Chuala e na daoine air an t-sràid ag èigheachd gum bu chòir dha, gum b’ fheudar dha, leum cuideachd!

Agus esan cas a’ falbh is cas a’ fuireach leis na bagaichean a bha air am fàgail fhathast.

Nam measg am baga mu dheireadh leis a’ mhac bheag aca, a bhiodh e fhèin a’ giùlan chun an Iar.

Chuala e guthan is fuaim air an staidhre.

Thàinig iad.

Bha e na sheasamh anns an t-seòmar-chadail agus am balach beag ri a thaobh ann am baga fosgailte is e a’ gal.

Chunnaic e a bhean air an t-sràid ag èigheachd agus a’ gal cuideachd.

Agus na saighdearan agus an luchd-smàlaidh air an t-sràid a’ guidhe air a bhith a’ leum gun dàil.

Chuala e briseadh tron doras.

Bha e mar gun lìonadh ceudan de shaighdearan am flat a-nise, gach fear le gunna ag innse dha gun a bhith a’ teicheadh.

Thionndaidh e chun na h-uinneige agus mhothaich e gun robh e air mearachd mhòr a dhèanamh.

Cha b’ urrainn dha sreap sìos le mhac anns a’ bhaga na làmhan.

Agus cha ghabhadh e air am baga leis a’ bhalach a thilgeil don t-sràid...

Feasgar chunnacas dealbhan ann am prìomh phàipearan-naidheachd a’ bhaile:

Fireannach aig uinneig fhosgailte, eu-dòchas na shùilean.

Saighdearan a’ cur grabadh air bho bhith a’ teicheadh tron uinneig.

Boireannach air beulaibh an taighe a’ fannachadh agus a’ tuiteam don làr.

Nighean bheag a’ coimhead a-mach air rugsag is i a’ gal.

Na ceudan de dhaoine a’ togail fianais, a’ trod is a’ gearan air taobh eile na sràide.

Luchd-smàlaidh a’ giùlan a’ bhoireannaich agus a nighinn gu carbad-eiridinn.

Luchd-poileataigs ag iarraidh air na h-Aimeireaganaich rudeigin a dhèanamh.

An ath mhadainn cha do mhothaich duine na thachair an latha roimhe. Seach gun robh ceithir uinneagan eile air an dùnadh le clachan. Bha gnothaichean cho olc, sgreataidh is uabhasach agus gun robh muinntir Bherlin cinnteach nach maireadh an suidheachadh sin mòran na b’ fhaide.

Mearachd eile.

Glossary

saltradhtrample

gach aon mu seachone after the other

a’ cur grabadh airhindering, preventing

2

Caitrìona is tidying her mother’s house when she finds a box of letters from Germany. It must have been years since she had any links with her homeland, so why has she kept these, and who wrote them?

’S e togalach beag a bh’ ann, taigh àbhaisteach, togte anns na trì-ficheadan. Seòmar-suidhe, seòmar-cadail, cidsin, rùm-ionnlaid, similear agus b’ e sin e. Bha seòrsa de ghàrradh timcheall air an taigh. Deanntagan ri taobh an dorais agus seileastair is feur air cùlaibh an taighe far am b’ àbhaist do lios a bhith. Ròp-aodaich falamh eadar dà phost. Air adhbhar air choreigin cha robh feans ann. Saoil dè cho tric a dh’itheadh na caoraich a h-uile sìon san lios ud?

Thàinig toit às an t-similear.

Bha aon rud annasach mun taigh seo agus b’ e sin an uinneag mhòr a bha a’ coimhead chun na machrach. Cha robh a leithid aig na taighean eile sa bhaile agus bhiodh na seann daoine ag ràdh gur e rud gun chiall a bhiodh ann, uinneag cho mòr a thogail air taobh an Iar an taighe, air taobh fuaradh an eilein far am biodh an t-sìde garbh aig amannan. Duine gun sgot mu ciamar a thogadh tu taigh an seo, ged a bha esan às an eilean, ach ise, uill...

Bha na cùirtearan rud beag fosgailte is chunnacas solas san t-seòmar-suidhe. Nam fosgladh doras an taighe, chìte trannsa ghoirid agus doras eile don t-seòmar-suidhe. Bha àirneis shìmplidh ach feumail ann – dìreach mar a tha ann an taighean seann daoine aig nach robh ùidh tuilleadh ann an cus sgeadachaidh is glanaidh.

Àite-teine, sòfa air a bheulaibh, bòrd beag air brat-ùrlair. Cha mhòr gun robh dealbh idir crochte air na ballachan. Is dòcha aon no dhà – dealbhan-camara a bh’ annta, ach bho thaobh a-muigh chan aithnicheadh tu dè no cò bha ri fhaicinn annta. Air taobh clì an àite-theine bha doras eile don chidsin. An aon rud a b’ fhiach ainmeachadh ann, ri taobh inneal-nigheadaireachd ùir, ghleansaich, b’ e sin an stòbha. Seann fhear brèagha a bh’ ann. Chosgadh tu fortan air an-diugh. Nach tuirt cuideigin gun do thogadh taighean timcheall air leithid de stòbha anns na seann làithean? Far am biodh stòbha, bhiodh dachaigh is còmhradh mun chagailt. Bha coire air, ach bha e fuar.

Ann an dòigh mhothaicheadh tu aig leac an dorais gun robh an taigh falamh. Ach gu tric bidh coltas beò is trang air taigh fhathast fhad ’s a tha teine agus solas air. Ach bhon a chunnacas anns an t-seòmar-chadail bha e soilleir nach robh duine a’ fuireach an seo tuilleadh. Leabaidh gun aodach, bobhstair rùisgte. Preasa fosgailte agus sac plastaig gorm làn aodach air an làr eadar am preasa agus an leabaidh. Dh’innis an t-aodach gum b’ e boireannach a bha air a bhith a’ fuireach anns an taigh seo. Agus dh’innis na dealbhan os cionn na leapa agus an t-uisge coisrigte air a’ bhòrd-leapa gum b’ e Caitligeach a bha innte. Ach an robh sin cudromach tuilleadh? Bha e fada na bu chudromaiche gun rachadh na preasan fhalamhachadh mus grodadh a h-uile sìon leis cho fliuch ’s a dh’fhàsadh e ann an taigh nach rachadh a theasachadh gu cunbhalach tuilleadh.

Bho thaobh a-muigh chualas fuaim càir. Cha deach e seachad, stad e air beulaibh an taighe. Dh’fhosgail an doras agus thàinig boireannach a-staigh. Meadhanach àrd, falt bàn, goirid agus jeans is geansaidh oirre. Leithid de bhoireannach far nach biodh fios agad air dè an aois a bha i. Is dòcha gun robh i anns na dà-fhicheadan. Chuir i a bòtannan dhith agus chaidh i don t-seòmar-chadail agus chùm i oirre leis an obair aice. Bha sac plastaig eile aice is thòisich i air aodach eile a thoirt a-mach às a’ phreasa agus a phùcadh a-steach don t-sac. Cha robh mòran a-riamh aice mu dheidhinn aodach ach bhiodh aig a màthair. Ged nach fhaca i i ach ann an aparan fad a beatha, ach aig an Nollaig a-mhàin, bha am preasa seo làn aodach den a h-uile seòrsa. Agus bogsaichean làn bhrògan cuideachd. Ann an àite far am biodh pàidhir bhòtannan na b’ fheumaile. Cò dha a bheireadh i na brògan? Gheibheadh i cuideigin airson an aodaich gun teagamh, ach na brògan?

Bha i a’ rùrachadh anns na bogsaichean feuch an dèanadh i taghadh air dè shadadh i agus dè chumadh i nuair a thuit aon de na bogsaichean às a làimh don làr. Chaidh na bha anns a’ bhogsa seo a sgaoileadh air feadh an làir. Pàipearan, dealbhan agus a rèir coltais litrichean. Bha iad ceangailte le ribean dearg – coltas cids orra, mar a chunnacas anns na filmichean sìmplidh air an telebhisean. Dh’fhuasgail i an ribean agus seadh, is e litrichean a bh’ annta. Litrichean le seann stampaichean na Croise Deirge orra, litrichean ann am Beurla, tè ann am Fraingis ach a’ chuid a bu mhotha dhiubh ann an Gearmailtis. Sgioblaich i an làr, chuir i na litrichean air ais don bhogsa is thug i am bogsa leatha don t-seòmar-suidhe, far an robh i na bu bhlàithe is na bu chofhurtaile. Shuidh i air an t-sofa is sheall i tro na litrichean a-rithist. Cha robh fios aice gun robh ceangail fhathast air a bhith ann eadar a màthair agus an dùthaich a dh’fhàg i o chionn fhada – a’ Ghearmailt.