Cho Snog's a tha thu - Alison Lang - E-Book

Cho Snog's a tha thu E-Book

Alison Lang

0,0

Beschreibung

Naomi was always the geeky hanger-on at uni, but now her social networking app Snog has taken the internet by storm and suddenly she's rich and famous and running a huge company. It's more than her jealous friend Jeni can bear, and it's all too easy to set up a fake online profile and start making mischief. Gaelic text: Eil fhios agad cò tha a bruidhinn riut air an eadar-lìon? Eil e gu diofar cho fad s a tha iad snog? Bidh Naomi a cur cus earbsa ann an daoine, agus anns an app a chruthaich i, Snog, a tha a brosnachadh modh is coibhneas air-loidhne. Tha tòrr aice ri ionnsachadh. Lasag s series of Gaelic readers offers young adults a range of engaging, easy-to-read fiction, with English chapter summaries and glossaries to assist Gaelic learners.

Sie lesen das E-Book in den Legimi-Apps auf:

Android
iOS
von Legimi
zertifizierten E-Readern
Kindle™-E-Readern
(für ausgewählte Pakete)

Seitenzahl: 106

Das E-Book (TTS) können Sie hören im Abo „Legimi Premium” in Legimi-Apps auf:

Android
iOS
Bewertungen
0,0
0
0
0
0
0
Mehr Informationen
Mehr Informationen
Legimi prüft nicht, ob Rezensionen von Nutzern stammen, die den betreffenden Titel tatsächlich gekauft oder gelesen/gehört haben. Wir entfernen aber gefälschte Rezensionen.



Alison Lang lives in Edinburgh and writes fiction in Gaelic and English. Her first collection of short stories, Cainnt na Caileige Caillte

By the same author

Cainnt na Caileige Caillte (Ùr-sgeul, 2009)

An Claigeann aig Damien Hirst, Vol 2. (Ùr-sgeul, 2009)

CHO SNOG ’S A THA THU

Alison Lang

First published in 2015 in Great Britain

and the United States of America

in 2015 by

Sandstone Press Ltd

Dochcarty Road

Dingwall

IV15 9UG

Ross-shire

www.sandstonepress.com

All rights reserved.

No part of this publication may be reproduced, stored or transmitted in any form without the express written permission of the publisher.

Lasag is an imprint of Sandstone Press Ltd

Lasag’s series of Gaelic readers offers young adults a range of engaging, easy-to-read fiction, with English chapter summaries and glossaries to assist Gaelic learners.

Copyright © 2015 Alison Lang

The moral right of Alison Lang to be recognised as the author of this work has been asserted in accordance with the Copyright, Designs and Patents Act 1988.

The publisher acknowledges support from the Gaelic Books Council towards publication of this volume.

ISBN: 978-1-9010124-80-2

ISBNe: 978-1-910124-81-9

Cho Snog ’s a tha thu

1. An t-eagal

2. An t-eudach

3. An gaol

4. Cùis-mhaslaidh

5. Cailin gun iùil

6. Ro bheag an duais

7. Fear eile cha ghabh mi

8. Gaol fuadain

9. Mo ghliocas is grinneas mo làimh

10. Cha b’ ann airson beairteis

11. Gus an dèan thu, a ghaoil, m’ àicheadh

12. Chan fhuiling mi idir, a luaidh

13. A’ chailin a dh’fhàg mi

14. Mur tig thu fhèin tuilleadh

15. Cruaidh-fhortan gun fhios

16. Nam faicinn thu a’ tighinn

17. Gur maireann mo ghaol

1. An t-eagal

Naomi is a bag of nerves at a prestigious awards ceremony, uncomfortable in her posh frock and high heels. As congratulation messages start to arrive through Snog, her new social networking app, she wishes she had the same red-carpet confidence as her friend Jeni.

Bha a beul tioram, ach cha robh i airson dad a bharrachd òl. Bha iad air a bhith a’ lìonadh a glainne le champagne fad na h-oidhche agus cha robh tomhas aice air cia mheud aonad a ghabh i mar-thà, agus air stamag fhalamh cuideachd. Shuath i a làmhan air sìoda mìn a sgiorta a-rithist. Carson a bha a basan cho fliuch?

Thug i sùil air Daibhidh, ri a taobh, air a ghlacadh leis a’ bhidio a bha a’ tighinn gu crìch air an sgàilean mhòr, ’s a h-uile duine a’ bualadh am basan le fuaim mar an tàirneanach.

‘Agus tha an duais airson app sòisealta na bliadhna a’ dol gu …’

Chuala i guth Dhaibhidh na cluais, cho dlùth ’s gun robh anail blàth air a h-amhaich. ‘Gabh air do shocair!’

Air an àrd-ùrlar, bha am boireannach àrd bàn a’ strì leis a’ chèis-litreach. ‘Mas urrainn dhomh fhosgladh …’

Chluinneadh gàire bheag an siud ’s an seo am measg an luchd-èisteachd, ach mu dheireadh thall rinn i a’ chùis.

‘Tha an duais a’ dol gu Naomi Nic a’ Ghobhainn airson Snog!’

Cinnteach gun robh i a’ dol a chur a-mach, dh’fhairich i teannachadh na stamaig, agus solas na sùilean, agus fad air falbh chunnaic i a h-aodann fhèin air an sgàilean, agus chuala i bualadh, bualadh, bualadh nam basan air feadh an talla.

Anns a’ mhionaid, gun chuimhne aice air càil ach làmh Dhaibhidh fo a h-uilinn agus na daoine aig na bùird eile a’ gluasad air falbh mar an fhairge ga roinneadh fo làimh Mhaois, bha i na seasamh air an àrd-ùrlar a’ coimhead a-mach air na ceudan de dhaoine, a h-uile mac màthar aca sàmhach ’s a’ feitheamh ri òraid.

‘Erm, bu mhath leam …’

Rinn am maicreafòn sgreuch uabhasach, agus thug Naomi ceum air ais, cugallach sna brògan àrda aice.

Dh’fheuch i a-rithist. An turas seo dh’obraich e mar bu chòir.

‘Bu mhath leam taing a thoirt do na britheamhan. Is e urram mòr a th’ ann duais chliùiteach mar seo fhaighinn.’

Cha robh i cinnteach an e duais chliùiteach a bh’ ann – cha robh i air dad a chluinntinn mu na duaisean seo mus do chuir Daibhidh an app aca a-steach air a son – ach cha bhiodh e modhail sin a ràdh.

‘Agus taing cuideachd do Dhaibhidh MacNeacail, oir às aonais a thaic-san cha bhiodh Snog idir ann, agus don a h-uile duine a tha air a bhith ag obair cho cruaidh ga leasachadh – cus dhiubh rin ainmeachadh gu lèir, ach tha fhios agaibh uile cò sibh. Tapadh leibh, a chàirdean!’

Bha i an dòchas gun robh an òraid air tighinn a-mach mar bu chòir – goirid, gun a bhith ro throm, a’ toirt taing do na daoine iomchaidh. ‘Rinn thu a’ chùis, Naomi,’ thuirt i rithe fhèin.

B’ e a’ cheist a bha roimpe an-dràsta, an dèanadh i a’ chùis air an staidhre sìos bhon àrd-ùrlar sna brògan seo? Aon cheum, dà cheum … bha an sluagh fhathast a’ bualadh am basan agus bha Daibhidh a’ feitheamh oirre, gàire mhòr fharsaing air aodann. Còig, sia, seachd … agus bha i ceart gu leòr, a-mach à sealladh, agus bha iad ga stiùireadh a-steach gu seòmar eile far an robh an luchd-naidheachd fhathast a’ togail dhealbhan den neach mu dheireadh a bha air duais fhaighinn, agus fireannach le inneal Bluetooth na chluais a’ trod riutha a chionn ’s gun robh iad trithead diog air dheireadh air a’ chlàr-ama aige.

Cha robh a dhìth ach trithead diog. Thug i sùil air a fòn-làimh; bha na teachdaireachdan a’ tighinn a-steach mar-thà.

Bha an òraid agad sgoinneil. Tha do bhlas-cainnt tarraingeach, an robh fhios agad?

Is toil leam an dreasa ud. Càit an d’ fhuair thu e?

Tha d’ fhalt bòidheach n8, m’ eudail. Sìm x

Aw, mo bheannachd ort, a Shìm, shaoil i. Is bochd nach eil thu còmhla rium an-dràst’.

Meal do naidheachd, Naomi, agus taing airson dreasa Whistles a thaghadh airson an tachartais mhòir agad.

Cha robh ise air an dreasa a thaghadh. B’ e an comhairliche-èididh a bha air a mholadh dhi, agus a bha air a slaodadh bho bhùth gu bùth airson rudeigin a cheannach a bhiodh freagarrach, oir nan robh Naomi air a roghainn fhèin fhaighinn bhiodh i air dìnichean is Doc Martens a chur oirre mar a b’ àbhaist.

Whistles, gu dearbh. B’ e feadaireachd a rinn i nuair a chunnaic i a’ bhileag – còrr is ceithir cheud not airson dreasa anns am biodh i a’ faireachdainn mì-chofhurtail fad na h-oidhche. Ach mar a thuirt an tè-chomhairleachaidh, le rudeigin na guth a bha eadar gàire agus truas, cha bhiodh airgead a dhìth air Naomi tuilleadh. Mun àm seo an-ath-bhliadhna, bha a h-uile teans gum biodh i na milleanair.

Ceithir cheud not, ge-tà, air dreasa a chosgadh i aon turas. Ceud gu leth air brògan anns nach b’ urrainn dhi coiseachd. Ceud not agus dà uair a thìde air a falt agus maise-gnùis, seach cìreadh luath agus rud beag Vaseline air a bilean mar a bu dual dhi. Sin as adhbhar nach d’ fhuair i grèim bidhe; bha i steigte sa chathair-mhaise.

Nan robh Jeni an seo na h-àite, bhiodh ise na glòraidh, dreasa spaideil oirre agus deiseil airson nan camarathan. Cha bhiodh Jeni a’ cur feum air neach-comhairleachaidh pearsanta airson aodach a cheannach dhi.

Ach cha robh Jeni ann, agus dh’fheumadh Naomi seo a làimhseachadh leatha fhèin. Bha Daibhidh a’ bruidhinn ri fear-naidheachd mar-thà, agus bha fear a’ chamara ga tarraing a dh’ionnsaigh postair mòr le suaicheantas nan duaisean air.

‘Rud beag dhan taobh chlì … sin agad e, tha sin àlainn!’

Cnag, cnag, cnag, cnag, agus lasair ro-shoilleir bhon chamara.

‘Air do shocair, m’ eudail. Aon uair eile … gàire mhòr?’

Rinn Naomi a dìcheall, ach bha a ceann na thuaineal, agus an uair sin bha Daibhidh ga stiùireadh air ais dhan talla agus dhan bhòrd, agus do bhotal eile champagne. Agus ged a bha deagh fhios aice nach robh i glic, ghabh Naomi balgam mòr dheth.

2. An t-eudach

Jeni hates her job in a call centre and despises her colleagues and customers. She dreams of a glamorous career in fashion and spends all her money on clothes and magazines. After another horrible day at the office she can hardly contain her jealousy when she reads about Naomi’s award.

Bha casan Jeni bog fliuch ’s ga pianadh mar an diabhal. B’ e mearachd a bh’ ann na brògan seo a chur oirre.

Sa mhadainn bha am bus air tighinn dìreach air an uair, agus dùil aicese gum biodh e còig mionaidean air dheireadh mar a b’ àbhaist. Bha stad a’ bhus mu dhà cheud slat air falbh agus an luchd-siubhail mu dheireadh a’ dol air bòrd mar-thà nuair a ràinig i ceann na sràide. Nan robh an loidhne na b’ fhaide, no stad a’ bhus na b’ fhaisge, no nan robh trainers oirre, is dòcha gum biodh i air a’ chùis a’ dhèanamh, ach mar a bha … uill, bhiodh i air a h-adhbrann a bhriseadh, no a h-amhaich. Agus cha robh sgioba a’ charbaid-eiridinn a’ dol a ràdh nuair a thogadh iad a corp far an starain, ‘’S fheàrr a bhith a dhìth a’ chinn na bhith a dhìth an fhasain!’

B’ fheàrr le Jeni smachd a chumail air a h-ìomhaigh – glan, socair, gun a bhith a’ coimhead gòrach na deann-ruith airson bus. Mar sin, chùm i oirre aig an aon astar mar nach robh cabhag idir oirre, a’ coiseachd mar mhodail a’ taisbeanadh couture Gaultier no McQueen, seach tè òg àbhaisteach air a slighe gu obair dhòrainneach ann an oifis. Thigeadh bus eile an ceann deich mionaidean, no cairteal na h-uarach, no leth-uair a thìde, agus bha lethbhreac den Vogue a b’ ùire aice ri leughadh.

Rud nach fhaca i, b’ e siud gun robh Marnie, tè a bha os cionn sgioba air a’ chòigeamh ùrlar, a’ coimhead oirre tro uinneag a’ bhus san dol seachad. Agus nuair a ràinig i an oifis aig a’ cheann thall aig cairteal gu deich, bha Marnie air bruidhinn ri Ridseard, a bha os cionn an sgioba san robh Jeni fhèin ag obair, agus bha fhios aige nach d’ rinn i oidhirp a bhith ann air an uair.

‘Èist riumsa, Jeni,’ arsa Ridseard. ‘Chan eil e gu diofar leamsa dè chuireas tu air do chasan, no air do bhodhaig. Sin an rud mun obair seo, bhiodh daoine coma nan robh thu nad laighe ann an tanca làn custard fhad ’s a tha thu air ceann a’ fòn ’s ag èisteachd ’s a’ reic riutha. Reic, reic, reic, Jeni! Tha fhios agad gu bheil na h-àireamhan agad air a bhith ìosal bho chionn goirid.’

‘Fuirichidh mi anmoch a-nochd.’

‘Agus dè mun cho-obraiche a tha gu bhith a’ cleachdadh na deasg agad an uair sin? ’Eil thu ag iarraidh orm uair a thìde a ghearradh far an t-sioft acasan gus am faigh thusa cothrom na stats agad a chur an-àirde? Cha dèan mi sin. Thèid thu dhachaigh aig còig uairean ’s bidh e a dhìth air do phàigheadh.’

Cha robh seo idir cothromach, ach cha bhiodh e glic a bhith a’ gearan.

‘Tha mi duilich, a Ridseird. Cha tachair e a-rithist.’

‘Cha tachair,’ thuirt e. ‘Seo an rabhadh labhairt, Jeni. An ath thuras is e rabhadh sgrìobhte a bhios ann.’

Bha Jeni feargach fad an latha a’ smaoineachadh air na thuirt e. Rabhadh oifigeil, gu dearbh! Cha robh i ag iarraidh obair shuarach mar seo co-dhiù. Eu-coltach ri Marnie agus Ridseard, cha robh miann sam bith aig Jeni a bhith a’ dìreadh fàradh corporra, gu h-àraid aig companaidh a bha a’ reic àrachas chàraichean agus a’ peanasachadh a luchd-obrach nan robh iad mionaid air dheireadh … uill, trì chairteal na h-uarach an-diugh.

Thigeadh an latha a bhiodh Jeni ann am Paris Diluain, New York Dimàirt agus Tokyo Diciadain. Ach san eadar-àm dh’fheumadh i a bhith an ceann a cosnaidh.

‘Agus fhad ’s a tha sibh air an loidhne, a Mhgr Davidson, am faod mi faighneachd dè am mìos anns am bi an t-àrachas-taighe agaibh a’ tighinn gu crìch? … Agus am bi sibh mar as tric a’ ceannach poileasaidh airson an taighe agus na tha na bhroinn san aon phasgan?’

Dh’fheumadh iad a’ cheist seo a chur air a h-uile duine a cheannaich poileasaidh càir. Bha bònas ri fhaighinn nan ceannaicheadh iad poileasaidh eile, ach bha a h-uile rud san sgriobt. Cha robh e ceadaichte a dhol far an sgriobt.

‘Tapadh leibh airson feitheamh, a Mhgr Davidson. Tha a’ chairt-chreideis agaibh air a dhol troimhe. Thèid mi thairis air puing no dhà san dealachadh. Bidh sibh fhèin a’ pàigheadh a’ chiad £100 airson briseadh glainne, agus tha am poileasaidh gur dìon bho chosgaisean sam bith ag èirigh ann an suidheachadh far nach eil àrachas aig an dràibhear eile …’

Dh’fhaodadh Jeni seo a dhèanamh na cadal a-nis.